Coinneamh mu ionad-cùraim san Dòrnaidh
Thèid coinneamh a chumail an t-seachdain seo mu na tha san amharc do dh'ionad-cùraim Airdferry san Dòrnaidh, agus NHS na Gàidhealtachd air innse gum bi e dùinte fad trì mìosan ri linn duilgheadasan le luchd-obrach.
Le direach ochd bliadhna bhon a chaidh fhosgladh, tha dragh air cuid nach eil an dachaigh a freagairt air feumalachdan seann daoine na sgire - agus gur ma dh'fhaoidte gun teid a dhùnadh.
Tha Alasdair MacLeòid ag aithris.