Sgeama Neach-Ainmichte fo cheist air Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad a' beachdachadh an-dràsta air dè nì iad le sgeama connspaideach an Neach-Ainmichte.
Bha a' Chomhairle air aon de na h-ùghdarrasan ionadail a rinn deuchainn saor-thoileach air an sgeama, far am biodh inbheach clàraichte mu choinneimh gach leanaibh air eagal 's gun èireadh ceist no dragh mun leanabh sin.
Chuir Riaghaltas na h-Alba às dhan sgeama an dèidh riaghladh nan aghaidh ann am Prìomh Chùirt na Rìoghachd Aonaichte.
Ach tha cead fhathast aig na comhairlean a bha san sgeama saor-thoileach cumail orra leis, agus a-niste tha feadhainn ag iarraidh ath-sgrùdaidh air an t-suidheachadh a tha sin.