Dùil ri co-dhùnadh mu Chaisteal Chinn Locha
- Air fhoillseachadh

Tha dùil ri co-dhùnadh an ath-sheachdain air plana luach na milleanan notaichean airson Caisteal Chinn Locha air Eilean Rùim a leasachadh.
Tha an caisteal air a bhith a' dol bhuaithe o chionn iomadach bliadhna, agus tha a' bhuidheann ghlèidhteachais Comann Charaidean a' Chaisteil a' tagradh airson a ghabhail thairis.
Tha a' bhuidheann airson an togalach a shàbhaladh agus leasachadh mar ghoireas a chruthaicheas obraichean agus a thàlas barrachd luchd-turais dhan eilean.
Tha iad air iarraidh air Dualchas Nàdair na h-Alba an caisteal a thoirt seachad.
Agus tha iad air plana luach £6.9m de dh'airgead phoblach agus phrìobhaideach a chur air adhart airson an togalach a thoirt air ais gu ìre ach an gabh e cleachadh mar osdal òigridh.
Cruaidh-fheum
Tha Catrìona Duckworth bhon chomann ghlèidhteachais ag ràdh gu bheil cruaidh-fheum aig Rùm air leithid de ghoireas.
"An-dràsta chan eil ann ach an taigh-bunca a ghabhas 20 duine, agus deagh leabaidh is breacaist le dà sheòmar," thuirt i.
"'S e lùghdachadh mòr a tha sin a thaobh àiteachan fuirich.

"Nuair a bha an caisteal fosgailte bha còrr air 50 leabaidh an sin.
"Mar sin dheth, tha buidhnean nas motha ga fhaighinn doirbh - fiù 's do-dhèante - a dhol a Rùm.
"Bho 2013 nuair a dhùin an caisteal, chunnaic sinn lùghdachadh mòr anns na tha de luchd-tadhail san eilean.
"Thug seo buaidh mhòr dha-rìribh air cothroman fàis soiseo-eaconomach san eilean.
"Tha an sluagh air tuiteam an dàrna leth bho dhùin an caisteal," thuirt i.
Tha dùil gun dèan SNH co-dhùnadh air tagradh na buidhne air an 8mh là den t-Samhain.