"Urram mòr" 'son sgiobair na h-Alba
- Air fhoillseachadh

Prìne-Fèilidh Cuimhneachaidh Dhòmhnaill Chaimbeul - 'son sgiobair na h-Alba - ga thoirt seachad le mac Dhòmhnaill, Mìchael.
Thuirt Stiùbhart Dòmhnallach gur e urram mòr a th' ann dha a bhith na chaiptein air sgioba iomain na h-Alba am-bliadhna.
Chaidh fear-glèidhidh Lòbhait ainmeachadh mar sgiobair 'son a' chiad turas is Alba gus a dhol an aghaidh na h-Èireann ann am Baile Átha Cliath Disathairne.
Tha an Dòmhnallach air cliù a chosnadh dha fhèin mar an fhear-ghlèidhidh as fheàrr san spòrs anns na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh.
Cha tèid mar a chluich e sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd ann an 2015 gu sònraichte air dìochuimhne aig duine sam bith a chunnaic e.
Bidh e ag amas a-nise air soirbheachas na h-Alba anns na geamaichean eadar-nàiseanta a chumail a' dol.
B' e 2014 an turas mu dheireadh a chaill iad.
Duilich
"'S e urram mòr a th' ann a bhith san sgioba fhèin, is buileach sònraichte a bhith nam sgiobair," thuirt an Dòmhnallach.
"Tha dùil againn ri geama duilich. Tha e an-còmhnaidh nas duilghe ann an Èirinn, ach tha sinn air sgioba làidir a thaghadh is tha sinn misneachail," thuirt e.
Chaidh Calum Grannd ainmeachadh mar chaiptean air sgioba na h-Alba Fo Aois 21.
Bheir seo gu ceann seusan air leth dha Grannd is e air a' Phrìomh Lìog agus Cupa MhicAmhlaidh a bhuannachadh le Ceann a' Ghiuthsaich.
Bidh an dà gheama Disathairne ann an Abbotstown, an geama Fo Aois 21 aig 12f is am prìomh gheama aig 2f.