30 bliadhna bho thuit Balla Bherlin
Tha 30 bliadhna ann air an deireadh-sheachdain seo bho thuit Balla Bherlin.
Air an 9mh den t-Samhain, 1989, chaidh na mìltean ann an Taobh Sear Bherlin chun na crìche is cha deach stad a chur orra.
An ceann beagan mhìosan, bha a' Ghearmailt aonaichte.
Thogadh fear-naidheachd BBC Naidheachdan ann an Earra-Ghàidheal, Andreas Wolff, air Taobh Siar Bherlin.
Fhuair sinn sealladh pearsanta air a' ghnothach bhuaithe.