"Feumaidh sinn a bhith beagan nas fheàrr" - County
- Air fhoillseachadh

Tha Steafan Fearghasdan is Stiùbhart Kettlewell a' sùileachadh beagan a bharrachd bhon sgioba aca.
Thuirt co-mhanaidsear Ross County gum feum an sgioba a bhith rud beag nas fheàrr aig gach ceann den phàirc ma tha iad a' dol a bhuannachadh barrachd gheamaichean.
Ged a tha County san t-siathamh àite san lìog, chan eil iad air gin de na sia geamaichean mu dheireadh aca a bhuannachadh.
Thèid iad an aghaidh Obar Dheathain ann an Inbhir Pheofharain Disathairne.
"'S e dùbhlan a th' ann dhuinn gach seachdain," thuirt Steafan Fearghasdan.
Làn
"Tha sinn a' sabaid ge-tà, is tha sinn a' cumail ceann a' mhaide ri sgiobaidhean eile.
"Tha mi a' smaointinn gum feum sinn a bhith dìreach rud beag nas fheàrr aig a' chùl agus aig an aghaidh.
"Cuiridh sin sinn dhan ath-ìre," thuirt e.
Dh'innis County cuideachd gu bheil fìor ghlè bheag thiceadan air fhàgail 'son a' gheama Disathairne.