Fear an greim co-cheangailte ri tubaist-rathaid an Leòdhas
Tha poilis a' sireadh fiosrachaidh mu thubaist-rathaid air taobh siar Leòdhais tràth sa mhadainn.
Chaidh càr far an rathaid ann am Barabhas agus stad e air cliathaich taighe.
Chaidh an càr na theine agus chuir sin an taigh na theine.
Thugar an triùir a bha sa chàr dhan ospadal.
Chaidh fireannach a thoirt an greim co-cheangailte ris a' chùis.
Ag aithris bho làrach na tubaist, seo Alasdair MacLeòid.