Tubaist air an A835

  • Air fhoillseachadh

Tha dràibhear a' faighinn cùraim san ospadal às dèidh a bhith air an goirteachadh ann an tubaist air an A835 eadar Ulapul is Gairbh.

Thachair an tubaist eadar càr agus bhana mu 4.15 feasgar Dimàirt.

B' fheudar do luchd-smàlaidh aon duine a ghearradh a-mach às an sprùilleach.

Thugadh an dràibhear a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis, ach chan eil iad ann an cunnart am beatha.

Bha an rathad dùinte mu thrì uairean de thìde às dèidh na tubaiste.