Barrachd àitean parcaidh aig Ospadal an Rathaig Mhòir

  • Air fhoillseachadh
Ospadal an Rathaig Mhòir

Tha obair an ìre mhath deiseil air pròiseact gus barrachd àitean parcaidh a chruthachadh aig Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Chosg an obair gus dà phairce-chàraichean ùra a thogail £620,000.

Bidh còrr is 200 àite parcaidh a bharrachd ann.

Chaidh na planaichean a thoirt air adhart is gearanan air a bhith ann fad bhliadhnaichean mu pharcadh aig an ospadal.

Duilgheadasan

Bha cuid ag ràdh gun do chaill iad coinneamhan le dotairean, no gun robh iad air deireadh, air sgàth 's nach fhaigheadh iad àite parcaidh.

Bha gearanan eile ann gun robh cuid a' parcadh aig an ospadal is a' faighinn bus às a sin dhan obair aca.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad a' cur siostam an sàs a chuireas stad air an leithid.

Tha dùil gum bi na h-àitean parcaidh ùra deiseil an ceann beagan làithean.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh