Cosgaisean lìbhrigidh aig tuath "ro àrd"
- Air fhoillseachadh

Tha mòran air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan fhathast a' pàigheadh fada cus ann an cosgaisean lìbhrigidh airson stuthan a cheannaicheas iad air-loidhne, a rèir àireamhan ùra.
Sheall an rannsachadh a rinn Ionad Fiosrachaidh na Pàrlamaid Albannaich gu bheil na milleanan mòra gan cosg air a leithid air feadh na sgìre.
Thuirt am Ball-Pàrlamaid Albannach Ridseard Lochhead gu bheil an t-àm ann gun tèid Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an sàs anns a' chùis.
Tha an rannsachadh ag ràdh gu bheil na cosgaisean lìbhrigidh an ceann a tuath na h-Alba am measg an fheadhainn as àirde anns an Rìoghachd Aonaichte.
Air-loidhne
Ann an Inbhir Nis agus Inbhir Narann phàigh daoine £7,239,000 am bliadhna airson stuth a cheannaich iad air-loidhne.
Anns an Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Bàideanach, bha an t-suim aig còrr air £6,250,000.
Chaidh na cosgaisean lìbhrigidh airson Cataibh is Gallaibh a thomhas aig cha mhòr £5m, le muinntir Earra-Ghàidheal a' pàigheadh beagan is £3m.
Tha àireamh nan Eilean Siar a' seasamh aig £1,518,00.