Cìs air luchd-turais fon phrosbaig
- Air fhoillseachadh

Beachdachaidh comhairlichean ann an Earra-Ghàidheal is Bòd Diardaoin air planaichean Riaghaltas na h-Alba cumhachd a thoirt do dh'ùghdarrasan ionadail cìs a thogail bho luchd-turais.
Fo na planaichean bhiodh cead aig comhairlean a leithid de chìs a thogail nam measadh iad gum biodh e gu buannachd na sgìre aca.
Ann an dreach fhreagairt a sgrìobh oifigich na Comhairle chun an Riaghaltais, tha iad a' toirt rabhaidh gum biodh cosgais agus duilgheadas an lùib a bhith a' cur na cìse an sàs.
Gheall Riaghaltas na h-Alba reachdas a thoirt a-steach ro 2021 a leigeadh le ùghdarrasan ionadail leithid de chìs a chur an sàs.