Cead ga iarraidh airson loidhnichean siop
- Air fhoillseachadh

Tha cead ga iarraidh airson loidhnichean siop a thogail air taobh siar na Gàidhealtachd.
Tha ceithir loidhnichean siop gam moladh airson làrach ann an Ceann Loch Lìobhann ann an Loch Abar.
Bhiodh aon loidhne 875m a dh'fhaid agus bhiodh i a' crìochnachadh air pontùn air Loch Lìobhann.
'S e Oighreachdan Gàidhealach Jahama a chuir am moladh air adhart,
Trèana-dealain
Tha iad mar phàirt dhen bhuidhinn leis a bheil Leaghadair Loch Abair faisg air a' Ghearasdan.
Gheibheadh dhaoine chun na làraich air trèana dealain.
Tha oifigearan dealbhachaidh air moladh do chomataidh dealbhachaidh a' chinn a deas cead a thoirt dhan phlana.
Tha 114,000 acaire fearainn aig Oighreachdan Gàidhealach Jahama timcheall air a' Ghearasdan, an Ceann Loch Lìobhann agus ann an Lagan.