Ro-ìnnleachd ùr nan Làbarach mu Bhrexit
- Air fhoillseachadh

Le cola-deug ri dhol gus an taghadh tha am BBC a' tiugsinn gu bheil am Pàrtaidh Làbarach air ro-innleachd ùr aontachadh gus feuchainn ri cur às dhan bheàrn eadar iad agus na Tòraidhean anns na cunntasan-bheachd.
Tha feadhainn aig àrd-ìre sa phàrtaidh air aideachadh gu bheil na Làbaraich a' strì ann an cuid de roinnean ri taic a chumail bho fheadhainn a bhòt airson an EU fhàgail.
Ri linn sin, nì na Làbaraich oidhirp ùr air mìneachadh a dhèanamh air an t-seòrsa aonta Bhrexit a chuireas iad ri chèile ann am referendum eile air Brexit.
Tha trioblaidean aig na Làbaraich ma tha iad a' dol a dhèanamh nas fheàrr na rinn iad anns an taghadh bho chionn dà bhliadhna, gun luaidh a bhith a' fuireach aig an aon ìre.
Frionasach
Feumaidh iad co-bhanntachd frionasach de luchd-bhòtaidh a tha airson an EU fhàgail agus feadhainn a tha airson fuireach anns an EU a chumail còmhla riutha.
Ach tha feadhainn taobh a-staigh a' phàrtaidh ag ràdh gun deach cus a dhèanamh den chunnart bho na Liberalaich Dheamocratach anns a' chiad earrann de dh'iomairt an taghaidh.
Tha iad cuideachd den bheachd nach deach measadh ceart a dhèanamh air a' chunnart dhan phàrtaidh mu cho deònach sa bhiodh Làbaraich a bhòt airson an EU fhàgail a bhith gluasad do na Tòraidhean.
Mar thorradh air a seo, do dhaoine a tha a' fuireach ann an sgìre a bhòt airson an EU fhàgail tha na Làbaraich a-nis a' gealltainn iomairt gu tur eadar-dhealaichte.
Beàrn
Fon phlana, bidh an iomairt anns na sgìrean sin a' cur na prosbaig air an fheadhainn anns a' chaibineat dhubhlannach a tha airson an EU fhàgail, seach feadhainn a tha an aghaidh Bhrexit.
Tha seo a' tachairt aig an aon àm sa tha cunntasan-bheachd tro iomairt an taghaidh a' cumail a-mach gu bheil bearn mhòr eadar na Tòraidhean agus na Làbaraich.
Sin a dh'aindeoin 's gu bheil cuid de chunntasan-bheachd eile ag ràdh gu bheil na Làbaraich a' teannadh air na Tòraidhean.
Tha cunntas-bheachd ùr a chaidh a dhèanamh le YouGov anns an t-seachdain mu dheireadh a' cumail a-mach gu bheil na Tòraidhean air an t-slighe gus mòr-chuid de 68 seataichean fhaighinn.
Ach, coltach ri cunntasan-bheachd eile, tha rabhadh ann gum faodadh mearachdan a bhith na lùib.
Tha cunntas-bheachd nas lugha bhon bhuidhinn ComRes a' cur nan Làbarach 7 puingean air cùlaibh nan Tòraidhean - an coimeas ri 11 puing eatorra ann an sgrùdadh YouGov.