Cead ga mholadh 'son leasachadh Sràid na Glìbe
- Air fhoillseachadh

B' àbhaist amar-snàimh a bhith air an làraich ri taobh Abhainn Nis.
Tha oifigich aig Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh cead a thoirt seachad 'son taigh-òsta a thogail air Sràid na Glìbe ann an Inbhir Nis.
'S e companaidh leasachaidh Duitseach, Vastint Hospitality, a tha air cùl nam planaichean.
Bhiodh 175 leabaidh anns an togalach.
'S e taigh-òsta le ceithir rionnagan a bhiodh ann, air a ruith leis a' chompanaidh Marriott.
Dragh
B' àbhaist amar-snàimh a bhith air an làraich seo ri taobh Abhainn Nis, ach tha i air a bhith bàn fad iomadh bliadhna.
Tha Urras Catharra Inbhir Nis am measg na tha a' cur an aghaidh nam planaichean.
Thuirt iadsan gu bheil cunnart ann gur e "uabhas ailtireach" a bhios anns an togalach, coltach ris an leasachadh a rinneadh air Sràid na Drochaide anns a' bhaile anns na 1960an.
Thèid na planaichean a dheasbad aig coinneimh, taobh a-muigh de Chomataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas an ath-sheachdain, is oifigich a' moladh gun tèid cead a thoirt seachad.