Smachd air àireamhan fèidh a' dol am feabhas
- Air fhoillseachadh

Tha Dualchas Nàdair na h-Alba ag ràdh gun tàinig piseach air oidhirpean 'son smachd a chumail air àireamhan nam fiadh.
Tha iomairt air a bhith a' dol gus barrachd bhuidhnean riaghlaidh a stèidheachadh air feadh na dùthcha.
Tha beachd ann gu bheil àireamhan de na beathaichean ann an cuid de dh'àiteachan air a dhol a-mach à rian, agus gu bheil cho pailt sa tha iad ag adhrabhachadh barrachd thrioblaidean na b'àbhaist.
Tha e an urra ri oighreachdan na h-àireamhan a chumail rèidh ach bhathar a' gabhail ris nach robh sin ag obair ro mhath agus chuireadh buidhnean ceannsachaidh ionadail air bhonn son dèiligeadh ris.
Tha aithisg SNH a' mìneachadh an adhartais a rinneadh gu ruige seo ged a tha dùil fhathast ri aithisg nas mionaidiche anns am bi molaidhean bho bhuidhinn ghlèidhteachais Riaghaltas na h-Alba.
Dhearbh an aithisg eadar-amail gu bheil lùghdachadh air a thighinn air àireamh nam fiadh mar thoradh air obair nam buidhnean riaghlaidh.
Thuirt iad gun cùm iad orra ag obair le na buidhnean àrainneachd agus na buidhnean riaghlaidh airson dèanamh cinnteach gum bi an tuilleadh adhartais ann