Tèarainteachd ga deasbad

  • Air fhoillseachadh
Deasbad air a' BhBCTùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh bruidhinn air tèarainteachd, Brexit agus an NHS am measg eile

Chaidh prìomhachas a thoirt do thèarainteachd ann an deasbad eadar riochdairean nam pàrtaidhean poileataigeach air thoiseach air an taghadh choitcheann.

Ghabh seachdnar pàirt anns an deasbad air a' BhBC Dihaoine - Àrd-Rùnaire Roinn an Ionmhais aig na Tòraidhean, Rishi Sunak, Rùnaire Dùbhlanach a' Ghnothachais, an Làbarach Rebecca Long-Bailey, Ceannard nan Lib Deamach, Jo Swinson, Ceannard an SNP, Nicola Sturgeon, Ceannard Phlaid Cymru, Adam Price, Co-Cheannard a' Phàrtaidh Uaine, Caroline Lucas agus Cathraiche Phàrtaidh Bhrexit, Richard Tice.

B' ann air an ionnsaigh cheannairc ann an Lunnainn na bu thràithe air an là - anns an deach dithis a mharbhadh - a bha aire an toiseach.

Rinn iad uile moladh air na seirbheisean èiginn airson mar a dhèilig iad ri na thachair.

Thuirt Rishi Sunak gur e prìomh dhleastanas riaghaltas sam bith, am poball a chumail sàbhailte.

Gheall e gum faigheadh na polais an t-airgead agus na cumhachdan a dh'fheumadh iad airson dèiligeadh ri cunnartan dhan dùthaich.

Barrachd oifigearan

Thuirt Rebecca Long-Bailey ge-tà gu bheil gearraidhean nan Tòraidhean air àireamh nam poileas a lùghdachadh 20,000.

Feumar barrachd a chosg air obair anns a' choimhearsnachd thuirt i.

Gheall Jo Swinson 20,000 oifigear poilis a bharrachd.

Mhol i cuideachd obair nam poileas ann an Alba - gu h-àraidh mar th' air soirbheachadh le iomairt an aghaidh eucoir sgeine.

Thuirt Caroline Lucas bho na h-Uainich nach gabhadh ionnsaighean mar a thachair ann an Lunnainn a sheachadh, ge bith dè na bhiodh ann de dh'oifigearan poilis, ach gun cuidicheadh e nam biodh barrachd dhiubh ann.

Gheall Nicola Sturgeon gun cùm an SNP taic ri na seirbheisean tèarainteachd.

Ach thuirt i nach biodh greim aig Breatainn air an fiosrachadh brathaidh as fheàrr nuair a thig Brexit gu buil.

Thuirt Richard Tice bho Phàrtaidh Bhrexit gun robh e ag aontachadh gun robh tuilleadh oifigearan poilis a dhìth air na sràidean, 's thuirt e gum feumadh daoine a bhith fuireachail às dèidh ionnsaighean ceannairc.

Thuirt Adam Price bho Phlaid Cymru gu bheil diofar rudan a dhìth airson an t-sluagh a chumail sàbhailte, ach gu bheil goireasan an còmhnaidh mar phàirt dhan chùis.

A thuilleadh air tèarainteachd, chaidh bruidhinn cuideachd air Brexit, an eaconomaidh, an NHS agus inimreachas.

Bidh deasbad eile air a' BhBC eadar Boris Johnson agus Jeremy Corbyn Dihaoine, an 6mh là den Dùbhlachd.