CalMac a' toirt an Riaghaltais gu lagh mu shlighean aiseig
- Air fhoillseachadh

Tha na slighean a' dol eadar tìr-mòr agus puirt ann an Arcaibh agus Sealtainn
Tha Caledonian Mac a' Bhruthainn a' toirt Riaghaltas na h-Alba gu lagh agus iad mì-riaraiche le mar a chaidh an cùmhnant airson seirbheisean aiseig a dh'Arcaibh agus Sealtainn a thoirt seachad.
Tha CalMac - a tha na companaidh stàite - mì-thoilichte nach tug ministearan an cùmhnant dhaibhsan.
'S e an tairgse aig Serco a shoirbhich agus chaidh dàil rè ùine a chur air an sin fhad 's a leanas a' chùis-lagha.
Thuirt Ministear na Còmhdhail, Pòl Wheelhouse, gun deigheadh an cùmhnant a th' aig Serco an-dràsta a leudachadh airson dèanamh cinnteach gum biodh na h-aiseagan aca fhathast a' seòladh.
Thuirt Mgr Wheelhouse nach biodh buaidh aig seo air na planaichean airson faraidhean a lùghdachadh san Fhaoilleach.
"Butrais"
Chaidh an dùbhlan laghail aig CalMac a dhearbhadh ann an litir bho Mgr Wheelhouse gu fear-labhairt nan Tòraidhean, Jamie Greene.
Chàin Mgr Greene Riaghaltas na h-Alba airson na "butrais" a bh' ann le bàtaichean-aiseig.
Thuirt e: "Cha gabh creidsinn gur e fear de na cuangothan aca fhèin a tha a' toirt an SNP gu lagh.
"Tha e ag innse dhut a h-uile càil a dh'fheumas tu mun bhutrais a rinn Riaghaltas an SNP de na seirbheisean aiseig gu bheil companaidh a tha fo shealbh phoblach airson an toirt gu cùirt, a' fàgail mì-chinnt agus barrachd dàil do luchd-siubhail," thuirt e.

Tha CalMac, a tha leis an riaghaltas, a' ruith sheirbheisean a' Chost an Iar agus air slighean Chluaidh
Thuirt fear-labhairt nan Làbarach air còmhdhail, Cailean Mac a' Ghobhainn, gur e suidheachadh gun chiall a bh' ann, a' dearbhadh mar a dhroch-làimhsich an SNP "an cùmhnant airson seirbheisean aiseig riatanach".
Tha Pàrtaidh Uaine na h-Alba a' ceasnachadh dè cho comasach agus a tha Còmhdhail Alba airson dèiligeadh ris a' chùis.
"Chan eil e a' toirt cus misneachd dhomh gu bheil companaidh a tha fo shealbh na stàite a' toirt an riaghaltais leis a bheil i gu cùirt, agus chan eil e idir a' sealltainn gu bheil smachd aig Còmhdhail Alba air an t-suidheachadh," thuirt am fear-labhairt, Iain Finnie.
An tairsge a shoirbhich
Tha an cùmhnant, a tha luach mu £450m agus a mhaireas sia bliadhna, airson nan seirbheisean a bhios a' faighinn subsadaidh riaghaltais, eadar Obair Dheathain agus Lèiruig agus Kirkwall agus eadar Sgrabstal agus Stromness.
Thuirt an Riaghaltas roimhe gun dèanadh iad co-dhùnadh air cò a shoirbhicheadh stèidhichte 65% air prìs, agus 35% air cho math 's a bha na tairgsean.
Thathar a' tuigsinn gun robh tairsge ChalMac na bu shaoire.
'S e Serco, a bhuannaich an cùmhnant sia bliadhna ann an 2012, a shoirbhich sa phròiseas.
Bha dùil gun tòisicheadh an cùmhnant ùr san Dàmhair.