Cuideachadh bhon phoball ann an clàradh làraichean eachdraidheil
- Air fhoillseachadh

Chaidh graffiti a dhèanamh air Càrn Chlàbhalaig faisg air Inbhir Nis roimhe.
Tha daoine àbhaisteach air feadh Alba air cuideachadh a' clàradh buaidh na h-aimsire agus mì-ghnìomhan aig cuid de làraichean eachdraidheil na duthcha.
Tha iad air a bhith a' cur dealbhan a thog iad de chaistealan, tursachan agus seann uaighean a-steach chun a' phròiseact Monument Monitor.
Cleachdaidh na h-eòlaichean na dealbhan mar dhòigh atharrachaidhean sam bith a tha air tighinn air na h-àiteachan a chlàradh.
'S iad Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba agus Institiud na Dìleib Seasmhaiche aig Colaiste Oilthigh Lunnainn a tha os cionn a' phròiseict.
Thèid na dealbhan a chur dhan phròiseact ann am post-d no air whatsapp, twitter no instagram le bhith a' cleachdadh an taga-hais #monumentmonitor.

Ruithidh am pròiseact fad dà bhliadhna agus bidh e a' gabhail a-steach 20 làrach eadar-dhealaichte.
Nam measg tha Càrn Chlàbhalaig faisg air Inbhir Nis, làrach a tha mar-thà air mì-ghnìomhan fhulang.