Naidheachdan 11:00m
Fhreagair cuideigin aig àrd-ìre sa Phàrtaidh Thòraidheach an dùbhlan a thug Anndra Neill do Bhoris Johnson agallamh telebhisein a dhèanamh leis le a bhith ag ràdh gu bheil am poball seachd searbh de leithid de thachartasan. Thuirt iad gun robh am format uile mu dheidhinn a' cheasnaiche, agus a bhith a' cur stad air an neach a tha fo agallamh a bhith a' freagairt cheistean. An àite sin, thuirt iad gum biodh Mgr Johnson a' bruidhinn ri luchd-bhòtaidh mu na nithean a tha cudromach dhaibh. Tha Jeremy Corbyn agus Boris Johnson ag ullachadh airson an deasbaid thelebhisein mu dheireadh ron taghadh, a thèid a-mach beò air a' BhBC a-nochd.
Gheibh feadhainn a chaidh a' ghoirteachadh ann an tubaist rollair-chorsair ann an Tobar na Màthar £1.2m ann an airgead-dìolaidh. Chaidh ochdnar chloinne agus dithis inbheach a ghoirteachadh gu dona san tubaist aig pàirc chur-seachadan M&D's bho chionn còrr is trì bliadhna. Thàinig còig carabadan far nan rèilichean air rolair-chorsair an Tsunami aig an làraich ann am Pàirce Dhùthchail Shrath Chluaidh anns an Ògmhios 2016.
Tha rannsachadh a' leantainn feuch dè thug bàs do dhithis inbheach ann an Siorrachd Obar Dheathain. Chaidh na Poilis a' ghairm gu seòladh faisg air Stonehaven tràth feasgar an-dè às dèidh dhaibh aithrisean fhaighinn gun robh dithis marbh ann an taigh ann an sgìre Rickarton. Thuirt oifigearan gun deach na cuirp fhaighinn ann an taigh a tha ga leigeil a-mach airson saor-làithean.
Chan fhaigh an treas cuid de dhaoine a chaill làithean saora dar a chaidh Thomas Cook fodha an t-airgead aca air ais ann an àm. Bha an CAA air innse dhaibh, aon uair 's gun dèanadh iad tagradh, gun deadh an ath-dhìoladh an taobh a-staigh 60 là. Tha an t-ùghdarras a-nis ag ràdh gu bheil barrachd fhiosrachaidh a dhìth orra bho chòrr is 40,000 duine.
Tha eagal air Comhairle nan Eilean Siar gum fulaing seirbheisean aiseig a' chosta an iar ri linn eas-aonta eadar Caledonian Mac a' Bhriuthainn agus Riaghaltas na h-Alba mu chùmhnant aiseig nan Eileanan mu Thuath. Tha CalMac air an Riaghaltas a thoirt gu lagh 's iad a' gearan nach eil e idir soilleir ciamar is e Serco a choisinn an cùmhnant airson a bhith a' ruith aiseigean gu Arcaibh is Sealtainn. Tha dragh air a' Chomhairle gun tarraing a' chùis-lagha aire oifigeach ChalMac air falbh bhon obair-làitheil aca a bhith a' frithealadh eileanan a' chost an iar.
Tha daoine àbhaisteach air feadh na h-Alba air a bhith a' cuideachadh ann a bhith a' clàradh buaidh na h-aimsire agus mì-ghnìomh aig cuid de làraichean eachdraidheil na dùthcha. Tha iad air a bhith a' cur dhealbhan de chaistealan, tursachan agus seann uaighean a-steach chun a' phròiseict Monument Monitor - a tha ga ruith le Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba agus Institiut an Dìleib Sheasmhaich ann an Lunnainn. Mairidh am pròiseact dà bhliadhna, agus leigidh e le eòlaichean sgrùdadh a dhèanamh air mar a tha làraichean aosmhor ag atharrachadh.