Rabhadh nam poileas mu fhear a tha a dhìth an Ros an Iar
- Air fhoillseachadh

Tha na poilis a' toirt rabhadh do dhaoine gun a dhol faisg air Derek MacAoidh
Tha na poilis a' sireadh fireannaich a tha a dhìth air taobh siar Rois agus dùil gu bheil e na chunnart dhan phoball.
Dh'fhaillich air Derek Ray MacAoidh, 33, à Inbhir Ghòrdain òrdugh cùirte a leantainn.
Tha e còig troighean agus ochd òirlich de dh'àirde, meadhanach tapaidh agus le falt goirid donn.
Thuirt an Det Insp Craig Still: "Tha sinn airson lorg fhaighinn air Derekc MacAoidh cho luath sa gabhas agus bu mhath leinn cluinntinn bho dhuine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu dheidhinn.
"Tha mi airson barrantas a thoirt do dhaoine gu bheil sinn a' dèanamh ar dìchill faighinn a-mach càite a bheil e agus dh'iarrainn air daoine gun a dhol faisg air Mgr MacAoidh, ma tha iad den bheachd gum faca iad e.
"Seach a bhith a' dèanamh sin, cuiribh fòn gu Poileas Alba air 101 cho luath agus 's urrainn dhuibh."