Oidhirp 'son luchd-turais a chumail nas fhaide an Ceann a Tuath Leòdhais
Bidh na mìltean luchd-turais a' tadhal air Ceann a Tuath Leòdhais gach bliadhna a choimhead air taigh-solais Rubha Robhanais.
Tha Urras Ghabhsainn, leis a bheil an oighreachd, a' sireadh dhòighean airson an cumail san sgìre beagan nas fhaide.
Leis a sin tha iad ag ullachadh làraich-lin a dh'inniseas do luchd-turais mu na seallaidhean, na goireasan agus na h-àiteachan-bìdh a tha Ceann a Tuath Leòdhais a' tabhann.
Tha Eilidh NicLeòid ag aithris.