Duais ùr mar chuimhneachan air Eilidh NicLeòid
- Air fhoillseachadh

Dh'ainmich Co-fharpais Chòmhlain Pìoba Sgoiltean na h-Alba duais ùr mar urram do dh'Eilidh NicLèoid a bhàsaich ann an ionnsaigh Arena Mhanchester.
Dh'fhalbh i às an dachaigh aice ann am Barraigh le caraid dhi gu cuirm Ariana Grande ann am Manchester anns a' Ghiblean 2017.
Bha i am measg an 22 daoine a chaidh a mharbhadh nuair a thug bomair fèin-mhairbhteach ionnsaigh.
B' e pìobaire tàlantach a bh'ann an Eilidh a chaill a beatha aig aois 14 bliadhna de dh'aois.

Còmhlan Pìoba Sgoil Lìonacleit
Thòisich i a' cluich na pìoba nuair a bha i ochd bliadhna de dh'aois agus bhiodh i tric a' siubhal a Bheinn nam Fadhla airson trèanadh le Còmhlan Pìoba Sgoil Lìonacleit.
Bhiodh iad tric a' falbh còmhla gu tìr-mòr airson farpais le buidhnean eile bho air feadh Alba sa phrìomh cho-fharpais.
Bidh an duais ann an ainm Eilidh ga toirt do chomhlain a ni barrachd na farpais. Seasaidh iad ri gach dùbhlan a thig nan rathad, cuiridh iad ris a' choimhearsnachd aca, bidh iad càirdeach agus dealasach agus nì iad gach oidhirp dèanamh cinnteach gum faod gach duine pàirt a ghabhail san obair aca.
Thuirt athair Eilidh, Ruaraidh MacLeòid, gu bheil e a' ciallachadh mòran dhaibh gur iad pìobairean a bha a' toirt seachad na duais mar chuimhneachan oirre leis gu robh pìobaireachd cho cudromach dhi.
"B' i Eilidh fhèin a bh'airson ionnsachadh leis gun do chòrd fuaim na pìoba mòire cho mòr rithe. Bhiodh i daonnan a' stad air an t-sràid airson coimhead air pìobairean a bha a' cluich agus bha i gam meas gu mòr.
"Rinn e feum mòr dhi a bhith ann an còmhlan sgoile. Thug e misneachd dhi agus rinn i caraidean fìor mhath air feadh Alba. Tha an càirdeas eadar pìobairean agus drumairean gu math làidir agus bha e follaiseach dhuinn cho math agus a bha sin do dh'Eilidh," thuirt Mgr MacLeòid.

Thuirt Alexandra Duncan, Àrd Oifigear Urras Chòmhlain Pìoba agus Drumaichean Sgoiltean na h-Alba, gur e urram a bh'ann dhaibh taic teaghlach Eilidh fhaighinn.
"Tha an duais ùr seo a' toirt urraim do dh'Eilidh mar phìobaire òg misneachail a bhios ga cumail an cuimhne a h-uile duine a tha an-sàs ann am pìobaireachd an Alba."