Là an taghaidh

  • Air fhoillseachadh
Ionad-bhòtaidhTùs an deilbh, EPA

Tha bhòtadh a' dol air adhart air feadh na dùthcha ann an Taghadh Coitcheann na Rìoghachd Aonaichte.

Tòisichear air na bhòtaichean a chunntadh cho luath 's a dhùineas a' bhòt aig 10:00f, le dùil ris na ciad toraidhean an Alba mu 01:00m Dihaoine.

Tha dùil gur ann eadar 03:00m agus 05:00m a thèid a' mhòr-chuid de thoraidhean na Rìoghachd Aonaichte a ghairm.

Chlàr 4,053,140 duine an Alba airson bhòtadh - an àireamh as àirde a chaidh a chlàradh - nam measg 728,148 clàraichte airson bhòtadh tron phost.

Cunntas-bheachd

Gheibhear a' chiad bheachd air mar a chaidh dhan taghadh mu 10:00f Diardaoin nuair a dh'fhoillsicheas am BBC, ITV agus Naidheachdan Sky cunntas-bheachd an dorais.

Bho 9:55f agus tron oidhche air BBC Radio nan Gàidheal bidh Dòmhnall Moireasdan agus Seumas Dòmhnallach a' toirt thugaibh nan toraidhean mar a thig iad a-steach, agus a' bruidhinn ri daoine bho air feadh na h-Alba leis an fhiosrachadh as ùire bho na diofar sgìrean.

Bidh fiosrachadh air làrach-lìn a' BhBC tron oidhche agus cumabh sùil air na meadhanan sòisealta, air Facebook - @BBCNaidheachdan agus air Twitter - @bbcnaidheachdan.