Dòmhnall Seathach ga chuimhneachadh
Thèid sreath thachartasan a chumail ann an Dùn Èideann aig deireadh na seachdaine a' cuimhneachadh beatha an fhir-lagha Sgitheanaich Dòmhnall Seathach.
Thug e cuideachadh is comhairle de chroitearan a bha an sàs ann an Strì an Fhearainn air a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan, gu h-àraidh as dèidh a' Chiad Chogaidh.
Tha na tachartasan air an cur air dòigh leis a' Mhorair Mhinginis, Cathraiche Cùirt an Fhearainn ann an Dùn Èideann, 's 75 bliadhna ann an-diugh bhon a bhàsaich Dòmhnall Seathach.
Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid.