Tuilleadh call cosnaidh aig Àranais
- Air fhoillseachadh

Tha tuilleadh dhaoine air an cosnadh a chall aig Gàrradh Àranais ann an Leodhas.
Chan eil ach ceathrar air fhàgail a-nis, agus ged a tha dòchas ann gun tig tuilleadh obrach, bidh dhà no thrì mìosan ann mus tig càil.
Bho chionn mìos, chaill 50 duine an obair aig Àranais agus an cùmhnant a bh' aca a' tighinn gu crìch 's gun càil eile san amharc.
Dh'fhalbh 35 duine agus 15 eile an t-seachdain às dèidh sin - a' fagail 30 duine fhathast ag obair ann.
Ceathrar
Tha tuilleadh air falbh a-nis agus chan eil air fhàgail ach ceathrar.
Ro dheireadh na mìos a chaidh seachad, chaidh ainmeachadh gum bi DF Barnes, a' chompanaidh a ghabh a-nall Bifab an-uiridh, agus le sin Gàrradh Àranais, a' dol a dh'fhaighinn pàirt dhen obair air tuath-gaoithe mòr far chosta Fìobha.
Thug sin co-dhiù beagan dòchais dha Àranais, ach chan eil cùisean a' coimhead ro mhath a-nis.
Neart na Gaoithe
Ged a tha trì seachdainean ann bho chaidh fhoillseachadh gum bi cuibhreann dhen obair air an tuath-gaoithe mòr seo, Neart na Gaoithe, a' dol gu DF Barnes, chan eil càil air aontachadh gu foirmeil.
Tha iad a' bruidhinn mu 15% dhe na bun-structaran air am bi air na crainn-gaoithe a' suidhe a thoirt dhan chompanaidh airson an togail.
Bidh a' mhòr chuid dhen sin gan dèanamh aig na gàrraidhean ann am Fìobha, ach dh'fhaodadh dùil cuid dhen obair a thoirt a dh'Àranais cuideachd.
Ach, bho nach deach càil aontachadh gu foirmeil, chan eil càil a dh'fhios dè thig no cuine a thig e - ach tha BBC Naidheachdan a' tuigse nach tig càil co-dhiù ron earrach.