Cuota an Truisg ga lùghdachadh an dàrna leth

  • Air fhoillseachadh
Bàt'-iasgaich

Thèid na bhios e ceadaichte do dh'iasgairean Albannach a ghlacadh de throsg a lùghdachadh an dàrna leth

Chaidh an t-atharrachadh aontachadh aig coinneimh a thàinig gu crìch tràth air a' mhadainn Diciadain.

Cha robh riochdaire Bhreatainn aig a' choinneimh de Chomhairle an Iasgaich anns a' Bhruiseil.

Tha ceannardan a' ghnìomhachais a' toirt rabhadh gun toir seo fìor dhroch bhuaidh orra.

Thuirt iad gu bheil iad an dòchas aonta nas fheàrr fhaighinn an ath-bhliadhna nuair a dh'fhàgas an Rìoghachd Aonaichte an t-Aonadh Eòrpach.

Ach chan eil cinnt ann fhathast mar a dh'atharraicheas Brexit na còraichean aca.

Brexit

An-uiridh, dh'fhoillsich Riaghaltas Bhreatainn na planaichean a th' aca airson gnìomhachas an iasgaich às dèidh Bhrexit.

Thuirt iad gum biodh cothrom aig Pàrlamaid na h-Alba beachdan a thoirt seachad air na cuotathan bliadhnail ach gur ann aig Rùnaire na h-ÀrainneachD ann an Lunnainn a bhiodh n cho-dhùnadh deireannach.

Tha an Riaghaltas an dùil sìostam de chuotathan ùra a stèidheachadh.

Tha iad ag ràdh gu bheil iad airson siostam nas cothromaiche a chruthachadh airson bhàtaichean-iasgaich clàraichte anns an Rìoghachd Aonaichte agus a tha ri iasgach ann an uisgeachan na dùthcha.

Anns an eadar-ama, bidh aig iasgairean ri cumail ri Poileasaidh Coitcheann an Iasgaich gu ruige co-dhiù an Dùbhlachd 2020.