Naidheachdan 11:00m
Thug Tony Blair seachad fìor dhroch bheachd air suidheachadh agus iomairt nan Làbarach anns an Taghadh Choitcheann agus dh'iarr e air feadhainn ann am meadhan a' phàrtaidh smachd a ghabhail air ais bhon làimh chlì. 'S e Mgr Blair an aon cheannard Làbarach a th' air soirbheachadh ann an taghadh coitcheann airson fad 45 bliadhna. Thuirt e nach cuireadh duine sam bith geall nach bi deich bliadhna eile ann de riaghaltas Thòraidheach, agus mura h-atharraich na Làbaraich an cùrsa gur dòcha nach till iad gu cumhachd idir. Thuirt Sir Keir Starmer agus Yvette Cooper gu bheil iadsan a' beachdachadh air seasamh airson ceannas nan Làbarach. Thuirt Sir Keir gu bheil an t-àm aig a' phàrtaidh tilleadh gu ballrachd nas fharsainge.
Thuirt ceannardan an iasgaich ann an Alba gur e buille mhòr dhan ghnìomhchas a th' anns a' ghearradh gu leth ann an cuota an truisg a chuir an t-Aonadh Eàrpach an sàs. Thuirt na ceannardan gu bheil iad an dòchas gum bi aonta nas fheàrr ann an ath-bhliadhna an dèidh do Bhreatainn falbh às an EU. Thuirt an dà chuid Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gun tèid tuilleadh fiosrachaidh a chruinneachadh mu stoc an èisg airson a chur ris an deasbad anns an àm ri teachd.
Tha còrr 's 1,500 nurs air stailc ann an Èirinn a Tuath agus iad a' gearain air pàigheadh agus sàbhailteachd anns an àite obrach. 'S e seo a' chiad uair ann an eachdraidh 103 bliadhna a chaidh buill Colaiste Rìoghail an Nursaidh air stailc.
Tha Taigh nan Riochdairean, a tha fo smachd nan Deamocratach, a' bhotadh an-diugh fhathast air casaidean foirmeil a chur às leth a' Chinn-suidhe Trump. Tha dà chasaid na aghaidh, gun do rinn e dìmeas air a chumhachd agus gun do chuir e bacadh air obair na Còmhdhail. Thuirt Mgr Trump an-raoir nach eil an seo ach na Deamocrataich a' feuchainn ri àr-a-mach a' dheanamh na aghaidh-san.
CalMac
Tha dùil ri fios ann am Parlamaid na h-Alba an-diugh mu cuin a bhios dà bhàta-aiseig ùr do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn deiseil, agus dè na chosgas iad. Tha an cùmhnant còrr 's bliadhna air dheireadh agus mu £100m os cionn buidseit ri linn eas-aonta eadar CMAL dham buin soithichean ChalMac, agus Gàrradh MhicFhearghais air Chluaidh. Tha còig mìosan ann bho chuir Riaghaltas na h-Alba an gàrradh fo smachd na Stàite.
Tha oifigich air Comhairle Fìobha a' moladh cead dhan chiad earrainn de phlana airson factaraidh ùr air làrach seann ionad chumhachd Lann na h-Annaid. Tha a' chompanaidh Spàinnteach, Talgo, airson factaraidh a thogail anns am biodh iad a' togail thrèanaichean airson margaidhean ann am Breatainn, anns an Roinn Eòrpa, an Afraga agus Astràilia.