Ceum air adhart airson mòr-ionad Bharraigh
- Air fhoillseachadh

Tha dòchas às ùr ann am Barraigh mun phlana airson ospadail is sgoile ùir le Bòrd Slàinte nan Eilean agus a' Chomhairle ionadail air tighinn gu co-dhùnadh oifigeil air a' mhodal a tha iad ag iarraidh.
'S e sin goireasan ùra slàinte, cùraim shòisealta, agus foghlaim sa choimhearsnachd a thogail air an aon làraich airson coimhearsnachd Bharraigh is Bhatarsaigh.
Tha am Bòrd Slàinte agus Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil iad cinnteach gur e seo an co-dhùnadh as fheàrr, agus gum bi e na bhuannachd dhan choimhearsnachd gu lèir.
Ceum
Ann am brath-naidheachd thuirt Àrd-Oifigear a' Bhùird, Gordan Jamieson, agus Àrd-Oifigear na Comhairle, Malcom Burr, gum biodh na goireasan ùra seo na bhrosnachadh do bhuidhnean eile, agus bi e nas fhasa, dan rèirsan, amasan an Riaghaltais a choileannadh.
A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt comhairliche Bharraigh, Dòmhnall Manford, gur e ceum mòr a tha seo agus gun toir e an cothrom dhaibh a-nise a dhol dhan Riaghaltas 'son airgead iarraidh dhan phròiseact.
"'S e ceum mòr a th' ann gu bheil an dà bhuidhinn air aontachadh a dhol còmhla airson na seirbheisean a thoirt seachad ... tha deagh chothrom ann togalaichean a bhith ann a bheir deagh àitichean-obrach, ionnsachadh poblach, fasgadh is parcadh ... agus 's e cothrom mòr a th' ann a bhith ag obair còmhla airson sin a dhealbhachadh".
A rèir Mhgr Mhanford cosgaidh na goireasan ùra timcheall air £40m, agus ged nach eil dearbhadh air a' chlàr-ama, bhiodh iad an dùil a bhith deiseil an ceann trì bliadhna, thuirt e.