Urraman dha cuid air a' Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Tha Brian MacUilleim, a bha roimhe na mhinistear Riaghaltais aig na Làbaraich, am measg chuid air a' Ghàidhealtachd a nochd air liosta Urraman na Bliadhna Ùire.
Fhuair Mgr MacUilleim CBE airson na rinn e airson gnìomhachas a' chlò mhòir a leasachadh.
Thuirt e gun robh e na iongnadh dha urram fhaighinn, is gu bheil e den bheachd gur ann airson a h-uile duine sa ghnìomhachas a chuidich e a tha e.
Am measg an fheadhainn eile sa cheann a tuath a fhuair urram, tha Uilleam Gill, Cathraiche Chomann Rìoghail Àiteachais na Gàidhealtachd.
Fhuair esan OBE.
Chaidh urram MBE gu ceannard Bun-sgoil Loch Àlainn, Keith Adams, gu Raibeart Fowler à Inbhir Nis bho Phoileas Alba, agus gu Fiona Kalache à Earra-Ghàidheal airson na rinn i airson òigridh na sgìre sin.