Sgoil ùr do dh'Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
Sgoil ùrTùs an deilbh, Comhairle na Gàidhealtachd

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air planaichean, taobh a-muigh a chur air adhart 'son sgoil ùr a thogail ann an Inbhir Nis.

'S ann an Caisteal Nis air taobh deas a' bhaile a bhiodh an sgoil ùr.

Tha mar a tha Inbhir Nis air a bhith a' fàs anns na bliadhnaichean mu dheireadh air uallach a chur air sgoiltean sa bhaile is cuid dhiubh làn.

Leudachadh

Tha an sgìre far am biodh an sgoil ùr am measg an fheadhainn far a bheil taighean ùra ann no gan togail.

Bhiodh 24 seòmraichean-teagaisg ann, sgoil-àraich, agus goireasan spòrs.

Bhiodh àite ann 'son còrr is 300 sgoilear sa chiad dol-a-mach, ach le cothrom an àireamh sin a dhùblachadh leis an sgoil a leudachadh san àm ri teachd.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh