Maoineachadh ga shireadh son Èifeachdas Cumhachd
Tha Buidheann Comhairleachaidh a' Phobaill an-diugh ag iarraidh àrdachadh ann am maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba gus taighean na dùthcha a dhèanamh nas èifeachdaiche ann a bhith a' cùmhnadh blàiths.
Tha iad a' cur ìmpidh air an riaghaltas an t-suim a tha iad an-dràsta a' cosg a dhùblachadh gu còrr is dà cheud gu leth millean not anns a' bhliadhna, agus iad ag innse gun cuidich seo le bhith a' ruiginn thargaidean an riaghaltais air atharrachadh na gnàth-shìde.