Corp ga lorg ann am Moireibh
- Air fhoillseachadh

Lorg poilis a bha a' coimhead airson fhir-bhaidhseagail a chaidh a dhìth Oidhche na Bliadhn' Ùire corp.
Chaidh Antony Rodgers, 57, fhaicinn mu dheireadh air CCTV a' dol a-steach a Cheann Lois mu 10:00f oidhche 31mh Dùbhlachd, às dèidh dha a dhachaigh ann an Eilginn fhàgail.
Thuirt na Poilis gun deach an corp fhaighinn ann an sgìre Chalifer de dh'Fharrais.
Cha deach dearbhadh cò e, ach chaidh innse dha teaghlach Mhgr Rodgers.
Tha na Poilis air aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin cuideachd.