Ceist mu mheud bàt'-aiseig ùir

Tha ceist air eòlaiche-còmhdhail mu carson a tha bàt'-aiseig a ghabhas 1000 neach-siubhail ga togail airson slighe nach eil a' faicinn ach mu chairteal den àireimh sin.

Tha Roy Pedersen a' farraid a' chùmhnant eadar Riaghaltas na h-Alba agus Ferguson Marine airson an aiseig ùir, a bhios a' seòladh eadar an t-Eilean Sgitheanach, Uibhist a Tuath agus na Hearadh.