Fòram air seirbheisean aiseig a dhìth a rèir Chomhairliche

  • Air fhoillseachadh
Bàgh a' Chaisteil

Thuirt Cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, gum feumar fòram neo-eisimeileach a chur air dòigh gus seirbheisean aiseig a leasachadh.

Thog e cuideachd dragh mun aire a chaidh a thoirt dha aiseag Arainn a bhith dheth ri linn na sìde anns na meadhanan - 's gun guth air na trioblaidean a th' air a bhith ann am Barraigh fad ghreis.

Chaidh mòran sheirbheisean a Bharraigh a chur dheth thairis air na seachdainnean a dh'fhalbh.

Tha cuideachd mì-chinnt ann fhathast mun dà bhàt'-aiseig ùr a tha gan togail an-dràsta.

"Bha sinn a-riamh mar chomhairle gu h-àraid a' dèanamh na h-argamaid ris an Riaghaltas gun robh còir aig buidhinn neo-eisimeileich coimhead air na seirbheisean agus dè bha còir againn a dhèanamh anns na bliadhnaichean a' dol air adhart," thuirt an Comh. Robasdan.

"Tha e gu math draghail dhuinn anns na dhà no trì bliadhnaichean a tha romhainn dè tha dol a thachairt.

Duilgheadasan

"Tha sinn air duilgheadasan gu leòr fhaicinn o chionn beagan mhìosan anns na h-Eileanan seo fhèin agus chan fhaic sinn gu bheil faochadh sam bith a' dol a thighinn air a sin anns na beagan bhliadhnaichean a tha romhainn.

"Tha sinn air coinneamh iarraidh còmhla ris a' mhinistear airson mìneachadh fhaighinn air dè ghabhas dèanamh anns an eadar-ama.

"Chan eil eilean sam bith airson a dhol a-mach air eilean eile agus ag argamaid mu dhèidhinn seirbheisean agus a' lagachadh na h-argamaid a th' againn.

Thug e cuideachd taic ri molaidhean a rinn an t-eòlaiche aiseagan Roy Pedersen Diluain, gun robh am bàt'-aiseig a tha Gàrradh MhicFhearghais a' togail airson na slighe eadar an Tairbeart, Ùige 's Loch nam Madadh ro mhòr.

Na h-àite, thuirt Mgr Pedersen gun robh còir aca dà shoitheach nas lugha a thogail, coltach ris an MV Pentalina a tha a' ruith thar a' Chaoil Arcaich, a tha na catamaran.

"Tha sinne air a bhith an còmhnaidh ag argamaid gu bheil còir 's dòcha catamaran fheuchainn air an t-slìghe seo airson faicinn a bheil iad freagarrach" thuirt Mgr Robasdan.