Naidheachdan 11:00m
Thug Ioràn ionnsaigh le urchairean ballistic air dà làraich a tha feachdan adhair Aimeireaganach a' cleachdadh ann an Iorac, mar dhìoghaltas airson mar a mharbh na h-Aimeireaganaich àrd-chomanndair Ioràinianach an t-seachdainn seo chaidh. Tha telebhisean na stàite ann an Ioran ag ràdh gun deach mu 80 duine a mharbhadh ged nach eil na h-Aimeireaganaich air dad a ràdh mu dheidhinn sin. Thuirt Ministearachd an Dìon nach do thachair dad do dhuine à Breatainn.
Tubaist phlèana
Sguir na h-uimhir de na companaidhean adhair a' siubhal os cionn Ioràin agus Ioraic an dèidh do phlèana Ugràinianach tuiteam goirid an dèidh falbh à port-adhair Tehran tràth sa mhadainn an-diugh. Bha 170 air a' phlèana agus chaill iad uile am beatha. Tha aithrisean ann, nach eil dearbhte, gun robh triùir à Breatainn nam measg. Thuirt an Ugràin agus Ioràn nach eil coltas sam bith ann gun deach ionnsaigh a thoirt air a' phlèana agus gu bheil iad an amharas gur e fàilligeadh einnsein a bu choireach.
Coinnichidh Boris Johnson ri ceann-suidhe ùr a' Chomisein Eòrpaich, Ursula von der Leyen, airson a' chiad uair an-diugh. Bidh iad a' deasbad an Rìoghachd Aonaichte a' fàgail an Aonaidh Eòrpaich aig deireadh na mìos seo, agus mar a tha Mgr Johnson ag iarraidh càirdeas eaconomach ùr a stèidheachadh ro dheireadh na bliadhna seo.
Thuirt ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba nach eil dad aigesan an aghaidh rannsachaidh air na seirbheisean aiseig. Ach tha Alasdair Allan ag ràdh nach eil adhbhar do bhuidhinn eile sin a dhèanamh agus gun gabh e dèanamh mar rannsachadh Pàrlamaid, coltach ris an rannsachadh a bhios ann air na h-aiseagan a tha Gàrradh MhicFhearghais a' togail. Bha an Dr Allan a' freagairt beachd bho Chathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, a dh'iarr rannsachadh neo-eisimeileach. Agus chan eil an Dr Allan a' cur taic nas motha ris a' beachd gum bu choir diochuimhneachadh mun bhàta ùr 'son na seirbheis eadar Ùige, an Tairbeart agus Loch nam Madadh agus dà bhàta nas lugha a thogail na h-àite.
Tha Oifis nan Dùthchannan Cèin a' bruidhinn ri oifigich anns an Èipheit mu fhear-gnothaich à Baile Eilidh bho nach cualas guth bho chionn mìos. Chaidh iacht, air an robh Cailean Finnie na aonar a rèir aithris, air sgeir far chladach na h-Èipheit san Dùbhlachd. Tha an iacht a-nis aig cala san Èipheit ach chan eil sgeul air Mgr Finnie. Thuirt Oifis nan Dùthchannan Cèin gu bheil iad a' toirt taic do theaghlach duine à Breatainn.