Dùil gur e tinneas eanchainn a chuir muc-mhara far a cùrsa

  • Air fhoillseachadh
Muc-mhara ann an Àird nan Saor
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh a' mhuc-mhara a ghluasad airson agus gum faighear air rannsachadh a dhèanamh oirre

Rinneadh rannsachadh bàis air muc-mhara spùtaich a bhàsaich an dèidh dhi a dhol air tìr air a' Ghàidhealtachd.

Chaidh am mamal fhaicinn madainn Dimàirt ann an Linne Mhoireibh faisg air Àird nan Saor.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun deach a tìodhlacadh Diciadain an dèidh a bhith air a gluasad gu tuathanas air adhbharan slàinte phoblaich.

Mus do thachair sin rinn sgioba bhon bhuidhinn Albannaich a bhios a' sgrùdadh chreutairean-mara a thig air tìr (SMASS) rannsachadh bàis air a' mhuc-mhara.

Tha an Dtr Anndra Brownlee bhon bhuidhinn den bheachd gun do rinn a' mhuc-mhara fhireann "mearachd iùil" a dh'fhàg san Linne Mhoireibh i agus air falbh bhon àite far am bu dual dhi a bhith a' faighinn bìdhe.

Fhuair an rannsachadh bàis a rinneadh oirre gun robh i fallainn agus gun robh i air a bhith ag ithe gu math leis gun d' fhuaireadh goban ghiobairneach na broinn, ach bha fianais ann nach robh i air càil ithe airson suas ri 10 là.

Tha beachd ann gur dòcha gun robh rudeigin ceàrr le eanchainn na muice-mara ach chan eil dearbhadh ann an e seo a bu choireach gun deach i far a cùrsa.

Muc-mhara ann an Àird nan SaorTùs an deilbh, Garry Riddoch
Fo-thiotal an deilbh,

Bhàsaich a' mhuc-mhara faisg air Àird nan Saor Dimàirt

Cha d' fhuaireadh càil plastaig na broinn agus cha mhotha a bha fianais ann gun robh tinneas oirre neo gun deach a goirteachadh an dòigh air choireigin.

Tha dùil gun deach an creatair fireann a tha eadar 10 agus 20 bliadhna de dh'aois air chall bhon bhuidhinn de mhucan-mara spùtach fireann den aois seo as àbhaist a bhith a' siubhal còmhla.

"Muc-mhara leatha fhèin"

Thuirt an Dtr Brownlow: "Mar as àbhaist bidh mucan-mara den aois seo a' biathadhadh còmhla ri beathaichean ris nach eil iad càirdeach ach a tha an aon mheud riutha.

"'S e balach caillte a bh' ann.

"Aig an aois seo tha iad nas dualtaiche a bhith còmhla agus tha sin a' còrdadh riutha agus tha sinn a' dèanamh dheth gun deach a dhealachadh bhon bhuidhinn."

Chaidh a' mhuc-mhara - a bha 15 meatair de dh'fhaid agus san robh 20 tunna de chuideam - a thìodhlacadh ann an talamh àitich faisg air Àird nan Saor.