Dealbh ùr de dh'fhear a tha a dhìth

  • Air fhoillseachadh
James PatonTùs an deilbh, PoileasAlba

Dh'fhoillsich na poilis ann an Inbhir Nis dealbh CCTV de dh'fhear à Cill Taraglain air nach fhacas sgeul fad seachdainean.

Chunnacas Seumas Paton, 72, mu dheireadh mu 1:30f Diluain an 23mh den Dùbhlachd is e a' dràibheadh Dacia Duster glas faisg air a' Mhanachainn.

Chaidh an dealbh a thogail ann an stèisean-peatrail anns a' Mhanachainn goirid ron uair sin.

Chaidh an càr agus an cù aig Mgr Paton a lorg ann an Coille Raotal faisg air a dhachaigh air an 23mh den Dùbhlachd.

Tha iomairt a' leantainn gus a lorg anns an sgìre, le daibhearan poilis a' sgrùdadh Abhainn na Manachainn.

Tha Poileas Alba ag iarraidh air daoine san sgìre sgrùdadh a dhèanamh timcheall air an cuid fearainn agus ann am bàthaichean is bothain.

Tuilleadh air an sgeulachd seo