Naidheachdan 11:00m
Thug Oifis nan Dùthchannan Cèin comhairle air daoine gun siubhal a dh'Ioran agus Breatainn a niste, còmhla ris na Stàitean Aonaichte agus Canada, ag ràdh gur e urchair Irànianach a thug a-nuas plèana Ucràinianach ann an Ioran a' bhòn-dè. Tha dealbhan ùr bhideo a' sealltainn rudeigin a' bualadh anns an itealan goirid an dèidh dhi falbh à port-adhair Tehran. Tha oifigich Irànianach a' cumail a-mach nach b' e urchair a bh' ann.
Thill Bana-Dhiùc Shussex a Chanada agus oifigich an Teaghlaich Rìoghail a' beachdachadh air dè an seòrsa dreuchd a bheir iad dhith-se agus dhan Phrionnsa Harry an dèidh dhaibh innse gu bheil iad a' tarraing air ais bho phrìomh àite san teaghlach. Chan eil ann ach trì là bho thill a' Bhana-Dhiùc, Meghan, a Bhreatainn an dèidh sia seachdainean a chur seachad ann an Canada.
Chaidh iarraidh às ùr air mu chairteal de mhillean Astràilianach an dachannan fhàgail agus teineachan a' dùsgadh a-rithist le aimsir theth agus gaoth làidir. Tha seachd duine fichead air am beatha a chall sna teineachan a rinn sgrios air sgìre fearainn uimhir ri Portugal.
Tha fear a tha ri iomairt an aghaidh toirt air teaghlaichean croitean a reic airson cosgaisean cùraim a phàigheadh, ag ràdh gu bheil e a' dèanamh adhartais. Chuir Iain MacÌomhair ath-chuinge gu Comataidh Ath-Chuingean Poblach Pàrlamaid na h-Alba as t-Fhoghar agus a theaghlach a' diùltadh croit agus taigh a mhàthar, a tha fhathast air a' chroit, a reic. Tha Comhairle nan Eilean Siar a' cumail a-mach gu bheil taic àrd-fhear lagha acasan airson sin iarraidh ach tha Mgr MacÌomhair ag ràdh gur e sealladh gu math eadar-dhealaichte a tha aig Comhairle Earra-Ghàidheil 's Bhòid air suidheachadh den aon sheòrsa.
Gheall Riaghaltas na h-Alba nach tèid duine sna h-Eileanan Siar a tha a' cleachdadh na seirbheis Connected Communities fhàgail às aonais bann-leathainn nuair a sguireas an t-seirbheis sa Mhàrt. Tha Ministear nan Eilean, Pòl Wheelhouse, ag ràdh gun dèan an Riaghaltas agus a' bhuidheann riaghlaidh OFCOM eadar iad cinnteach gum bi seirbheis ann.
Mèirle Ghleann Eagais
Chaidh binn prìosain, aona bliadhna deug agus ceithear mìosan, air fear a theich gu ruige Brazil an dèidh mèirle a dhèanamh aig Taigh-òsta Ghleann Eagais. Ghoid Dean Jones, a tha 37, agus dithis eile luach leth mhillean not de dh'uaireadairean Rolex bhon taigh-òsta ann an Siorrachd Pheairt ann an 2017. Chaidh a chur an greim aig port-adhair São Paulo ann am Brazil an-uiridh agus a thilleadh a dh'Alba.