Moladh air neach-eiridinn a rinn cobhair air fear air plèana
- Air fhoillseachadh

Thug neach-eiridinn cùram do dh'fhear air an tàinig grèim-cridhe san adhar eadar Inbhir Nis agus Steòrnabhagh.
Bha Chris Moireasdan, a bhuineas do Leòdhas ach a tha ag obair air taobh sear na dùthcha, a' siubhal dhachaigh air an 7mh den Fhaoilleach nuair a chunnaic ball dhen chriutha gun robh fear-siubhail eile air fàs gu math tinn.
Thug Mgr Moireasdan agus criutha an itealain cùram èiginneach dha agus chleachd iad an defibrillator a bh'air bòrd airson a chridhe fhaighinn gu dol a-rithist.
Bha carbad-eiridinn a' feitheamh riutha nuair a laigh iad ann an Steòrnabhagh far an deach an duine a thoirt gu Ospadal nan Eilean sa bhaile.
"'S tu fhèin a th'ann!"
'S ann dìreach nuair a chaidh Mgr Moireasdan a dh'fhaicinn dè dhèanadh e dhan fhear-siubhail a bh' ann an èiginn trì seataichean air a chùlaibh a bha fios aige gun robh iad càirdeach.
" Thuirt mi ris "'s tu fhèin a th'ann!". Bha e a' coimhead rium ach cha robh e a' coimhead math idir. Chaidh e am miosad agus an uairsin chaill e mothachadh.
"B'fheudar dhuinn a thoirt far an àite-suidhe aige agus a chur air an làr agus tòiseachadh air CPR a dhèanamh air," mhìnich e.
Fhuair e cuideachadh bho nurs a bh'air bòrd agus chleachd iad an t-inneal defibrillator air an euslainteach.
Laighe èiginneach
Bha cridhe an duine fhathast na stad, ge-tà, agus dh'innis Mgr Moireasdan dhan phìleat gum biodh aca ri laighe cho luath agus a ghabhadh. Bha am plèana air a bhith a' cuairteachadh os cionn Eilean Leòdhais leis gun robh gaoth mhòr ann agus bha iad a' feitheamh fios air cuin a bhiodh e sàbhailte dhaibh a thighinn sìos.
Dh' innis am pìleat do na bh'air bòrd iad fhèin a dhèanamh deiseil airson laighe èiginnich agus thug e rabhadh do na seirbheisean èiginn air tìr gum biodh iad feumach air carbad-eiridinn "purpaidh", an còd a th'aca nuair a tha cùis èiginn dhe leithid ann.
"Dh' fhuirich mise air an làr agus chùm mi orm a' dèanamh CPR fhad 's a bha sinn a' feuchainn ri laighe.
"Tha e duilich gu leòr CPR a dhèanamh ann an carbad-eiridinn gun luaidh air a dhèanamh ann an itealan air turas rudeigin corrach far nach eil mòran rùm agad," thuirt Mgr Moireasdan.

Tiops
"Bha e nas dorra buileach dhomh leis gur e fear de na càirdean agam fhèin ris an robh mi a' dèiligeadh.
Mar theaghlach, tha sinn air cuideigin a chall o chionn ghoirid agus bha mi a' smaoineachadh nach b'urrainn dhaibh duine eile a chall.
An dèidh dha cùram fhaighinn aig an ospadal ann an Steòrnabhagh chaidh an t-euslainteach a sgèith a dh'ospadal ann an Glaschu.
"Bha mi a' bruidhinn ris an-diugh agus tha e a' toirt taing dhomh-sa, dhan nurs agus do chriutha an itealain.
"Thuirt mise dha gum feum e a-nise poca tiops a cheannach dhomh!" thuirt Mgr Moireasdan.
Sgilean cobhair èiginn
Thuirt an neach-eiridinn gu bheil na thacahir a' dearbhadh cho cudromach agus a tha e gum bi sgilean bunaiteach aig daoine air cobhair èiginneach.
Thuirt fear-labhairt dhan chompanaidh adhair Loganair a tha a' ruith na seirbheis, gun robh an smuaintean leis an neach-siubhail a dh'fhàs tinn.
"Tha sinn moiteil às an dòigh san do dhèilig an criutha againn leis an t-suidheachadh seo agus bu mhath leinn taing a thoirt dhi agus dhan neach-eiridinn airson an cuid proifeasantachd.
"Tha na thachair a' dearbhadh gun robh e ceart dhuinn roghnachadh innealan defibrillator a chur air bòrd gach itealain Loganair, ged a tha sinn an dòchas nach bi againn ri an cleachdadh a-rithist airson greis mhath."