Droch aimsir a' leantainn

  • Air fhoillseachadh
Stoirm

Tha droch aimsir a' leantainn sa cheann a tuath Dimàirt agus rabhaidhean buidhe an sàs.

Ged a tha cùisean air socrachadh, tha rabhadh buidhe ann fhathast Dimàirt a thaobh na gaoithe air a' chosta an iar, is rabhadh buidhe eile air tìr-mòr na Gàidhealtachd a thaobh sneachda is deighe.

Gheibhear am fiosrachadh às ùire mu na rabhaidhean sin an seo, taobh a-muigh.

Sgaoil cuideachd Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba sreath de rabhaidhean mu thuiltean, taobh a-muigh.

Sgoiltean

Tha an aimsir a' fàgail gu bheil a h-uile sgoil ann an Uibhist is Barraigh dùinte Dimàirt.

Dh'innis Comhairle nan Eilean Siar gun robh iad air an ceum seo a ghabhail is busaichean sgoile anns na h-Eileanan mu Dheas dheth.

Tha sgoiltean ann an Leòdhas is na Hearadh fosgailte, ach tha an co-dhùnadh mu dheireadh ga fhàgail aig ceannardan sgoile.

Steòrnabhagh
Fo-thiotal an deilbh,

Tha tuiltean a' toirt buaidh ann an Steòrnabhagh madainn Dimàirt.

Bidh a' Chomhairle a' sgaoileadh an fhiosrachaidh as ùire air na meadhanan sòisealta agus an seo, taobh a-muigh.

Tha an droch shìde is làn àrd a' toirt buaidh air na h-uimhir de rathaidean anns na h-Eileanan an Iar.

Bha Cabhsair Èirisgeigh dùinte madainn Dimàirt, mar a bha Rathad Pholl nan Crann ann am Beinn nam Fadhla agus Rathad na Comataidh ann an Uibhist a Tuath.

Aiseagan

Tha na Poilis anns na h-Eileanan an Iar a' sgaoileadh an fhiosrachaidh às ùr mu na rathaidean., taobh a-muigh

Mar a bhiodh dùil, tha buaidh air seirbheisean aiseig is gheibhear am fiosrachadh bho ChalMac, taobh a-muigh.

A dh'aindeoin cho àrd 's a bha a' ghaoth anns na h-Eileanan Diluain, thathas a' tuigsinn aig an ìre seo nach deach milleadh ro mhòr a dhèanamh.

Ann am Bàideanach tha Àrd-Sgoil Chinn a' Ghiuthsaich dùinte Dimàirt ri linn na h-aimsire.