Oidhirp an aghaidh chìsean ùra air uisge-beatha
- Air fhoillseachadh

Coinnichidh riochdairean gnìomhachas an uisge-bheatha ri oifigich nan Stàitean Aonaichte Dimàirt, ann an dòchas stad a chur air planaichean sam bith cìsean ùra a bharrachd a chur air uisge-beatha Albannach.
Bha uisge-beatha am measg nan nithean a bha fo bhuaidh sreath de chìsean malairt a chuir na h-Aimeireaganaich an sàs mar phàirt de bhuaireadh leis an EU mu shubsadaidhean airson itealan.
Chuireadh cìs 25% air uisge-beatha Albannach.
Leis gu bheil luach nam billeanan Dhollairean gach bliadhna ann an bhith a' reic uisge-bheatha ris na Stàitean Aonaichte, thuirt Caidreachas Uisge-Bheatha na h-Alba (SWA) gum faodadh na cìsean obraichean a chur ann an cunnart.
Ach tha ath-sgrùdadh ga dhèanamh air na cìsean a-niste, agus tha draghan ann gun tèid an àrdachadh.
Coinnichidh àrd-oifigear an SWA ri oifigearan Riaghaltas nan Stàitean Aonaichte ann an Washington, far am feuch iad ri fuasgladh a lorg.
Tha am Prìomhaire Boris Johnson mar thà air gealltainn cur às do chìsean air uisge-beatha à Aimeireaga a tha air a reic san dùthaich seo às dèidh Bhrexit.