Dragh mu staid a' rathaid dhan Chuith Raing

Tha dragh ann an ear-thuath an Eilein Sgitheanaich às dèidh do Chomhairle na Gàidhealtachd cìs-parcaidh a stèidheachadh aig a' Chuith Raing.

'S e àite a th'ann a tha a' tàladh na mìlltean luchd-turais gach bliadhna a dh'aindeoin 's gur ann truagh a tha an rathad a' dol a-mach thuice.

Tha cuid a' faighneachd am bu chòir cìs a chuir air daoine agus aca ri siubhal air rathaidean dhe sheòrsa.

Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid.