Dithis air County fhàgail
- Air fhoillseachadh

Dhearbh Ross County gu bheil dithis air an cluba fhàgail.
Dh'innis na Staggies gu bheil iad air tighinn gu aonta le Obar Dheathain is Mark Gallagher a' gluasad gu Pittodrie.
Phàigh na Dons suim neach deach a sgaoileadh gu poblach airson Gallagher, a tha 18.
Bha e air sia geamaichean a chluich 'son Ross County.
Dòchas
Thuirt manaidsear Obar Dheathain, Derek MacAonghais, gum bi Gallagher a' cluich dhan sgioba leasachaidh aig Pittodrie an toiseach, ach gu bheil iad dòchasach gun ruig e a' chiad sgioba.
Dhearbh County cuideachd gu bheil Jack Ruddy air an cluba fhàgail.
Bha am fear-glèidhidh air cùmhnant goirid ann an Inbhir Pheofharain is cha do chluich e geama airson County.