Rannsachadh mu shoithichean ChalMac a' tòiseachadh
- Air fhoillseachadh

Nì buill-phàrlamaid Albannach sgrùdadh air dè bu choireach nach deach dà bhàt' aiseig do Chaledonian Mhac a' Bhruthainn a chrìochnachadh nuair a bha còir agus gun deach prìs na h-obrach an-àirde a dhà uimhir.
Tha na h-eathraichean gan togail aig Gàrradh MhicFheargais air Abhainn Chluaidh agus thathar a' tomhas gun cosg iad £100m a bharrachd na chaidh aontachadh agus gun tòisich iad ann an seirbheis trì bliadhna às dèidh a' chinn-là ris an robh dùil.
Tha an gàrradh a-nis fo shealbh na stàite às dèidh dhan chompnaidh a bha ga ruith air a dhol fodha.
Tha seann stiùirichean na làraich agus ceannardan CMAL, leis a bheil cabhlach ChalMac, a' cur a' choire air càch a' chèile airson na stainge.
Bidh buill de Chomataidh na h-Eaconamaidh Dùthchail agus Ceanglaichean a' coimhead air dè bu choireach ris an t-suidheachadh ma tha duine neo buidheann ri choireachadh idir, agus dè ghabhas ionnsachadh às.