Àrd Stiùiriche NHS na Gàidhealtachd a' fàgail a dhreuchd
- Air fhoillseachadh

Chaidh Iain Stiùbhart fhastadh mar Àrd Stiùiriche NHS na Gàidhealtachd anns an Fhaoilleach an-uiridh.
Tha Àrd Stiùiriche NHS na Gàidhealtachd, Iain Stiùbhart, a' fàgail a dhreuchd beagan a bharrachd air bliadhna bho chaidh fhastadh.
Bidh e a' dol gu NHS Arcaibh, far an gabh e thairis mar Àrd Stiùiriche nuair a leigeas an t-Àrd Stiùiriche a th' ann dheth a dhreuchd.
Fàgaidh Maighstir Stiùbhart, a bhuineas do Steòrnabhagh agus a tha a' fuireach anns an Eilean Dubh, obair Diluain sa tighinn.
Thèid Pòl Hawkins, Àrd Stiùiriche NHS Fìobha, a chur na Àrd Stiùiriche eadar-amail aig NHS na Gàidhealtachd.
Cuideachd Dihaoine, tha buidheann bho NHS na Gàidhealtachd a th' air bruidhinn a-mach mu bhuraidheachd ag ràdh gu bheil iad air bruidhinn ri Rùnaire na Slàinte, mun t-suidheachadh sin.
Chaidh Riaghaltas na h-Alba agus àrd mhanaidsearan aig NHS na Gàidhealtachd a chàineadh co-cheangailte ris an adhartas a tha iad a' dèanamh a' dèiligeadh ri nithean a chaidh a thogail ann an aithisg neo-eisimeileach le Iain Sturrock.
Dh' fhaodadh gu bheil na ceudan de luchd-obrach air buraidheachd agus dol a-mach mì-iomchaidh fhulaing aig NHS na Gàidhealtachd a-rèir na h-aithisg.
Chaidh rannsachadh a thòiseachadh an dèidh do bhuidheann de luchd-obrach meidigeach draghan a thogail gu poblach mu chultar bhagairteach aig a' bhòrd slàinte.
Tha iad a-nis ag ràdh nach eil NHS na Gàidhealtachd a' leantainn nam molaidhean a rinn Sir Iain Sturrock san aithisg.
Dh' iarr iad air Rùnaire na Slàinte a dhol an sàs sa chùis mu dheidhinn airgead dìolaidh gu sònraichte.
Thuirt ceannardan a' bhùird gum bu chòir daoine a dh'iarradh airgead dìolaidh a dhol tro phròiseas tribiunal obrach.