Ceist às ùr mu sheirbheis-iùil nan eilean
- Air fhoillseachadh

Thog Comhairle nan Eilean Siar ceist às ùr air mar a tha seirbheis-iùil nam plèanaichean gu bhith air a ruith à Inbhir Nis.
Tha Companaidh nam Port-àdhair, HIAL, air togalach ann an Inbhir Nis a cheannach agus iad an dùil gum bi na seirbheisean-iùil aca stèidhichte an sin.
Bhiodh seirbheisean-iùil Steòrnabhaigh, Sumburgh, Chirceabhail agus Dhùn Dè air an stiùireadh às an togalach.
Bhiodh an ìre de sheirbheis iùil ann am Beinn nam Fadhla ga lùghdachadh gu ionad fiosrachaidh.
Tha mì-thoileachas air a bhith a' leantainn mun phlana, is tha Comhairle nan Eilean Siar a-nise ag ràdh gun robh roghainnean eile ann a bhiodh na bu shàbhailte agus na bu shaoire.
Thog a' Chomhairle air briathran Liam MhicArtair, BPA Arcaibh, a thuirt gur e beachd Helios - a bha a' comhairleachadh HIAL - gun deach "an roghainn a bu chosgaile a bh' ann, agus le na cunnartan a bu mhotha na chois" a thaghadh.
Thuirt MacArtair gun robh Helios air roghainnean eile a chur air adhart a bhiodh air ùrachadh a thoirt air seirbheisean-iùil aig cosgais nas ìosaile agus le nas lugha de chunnart.
Measaidhean
Thuirt ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Roddy MacAoidh, gum feum an Riaghaltas a-nise coimhead ris a' chùis a-rithist.
"Carson a tha HIAL air an roghainn seo a thaghadh nuair a tha feadhainn eile ann a tha nas ciallaiche, nas sàbhailte agus nas saoire?", thuirt Mgr MacAoidh.
Thuirt Cathraiche Comataidh Còmhdail na Comhairle, Ùisdean Robasdan, gu bheil companaidh air Tìr-Mòr, fo smachd an Riaghaltais, a' dèanamh cho-dhùnaidhean a nì cron air muinntir nan eilean.
Dh'innis Rùnaire na Còmhdail, Mìchael MacMhathain, gur e prìomh amas HIAL an roghainn as fheàrr a thaghadh gus seirbheis-iùil nam plèanaichean ùrachadh agus a dhìon.
Thuirt e gum feumadh atharrachadh sam bith a dhol mu choinneamh Ùghdarras nan Seirbheisean Adhair air a' cheann thall.
Dh'innis Mgr MacMhathain cuideachd gum bi na planaichean air an sgrùdadh a thaobh buaidh air na h-eileanan fo Achd nan Eilean 2018.
Thuirt HIAL gu bheil na planaichean aca deatamach gus seirbheisean-iùil aig àrd-ìre a thoirt seachad.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh17 Am Faoilleach 2020
