Rabhadh do dhràibhear
- Air fhoillseachadh

Chaochail Kyle Robasdan às dèidh na tubaiste sa Ghearran 2018.
Chaidh innse do dhràibhear a dh'aidich gun do dh'adhbhraich e bàs fireannaich eile ann an tubaist chàr ann an Siorrachd Rois gu bheil a h-uile coltas ann gun tèid binn prìosain susbainteach a chur air.
Bha Mikey Durdle, 23, às a' Mhanachainn, a' dràibheadh Audi S3 a bhuail ann an Seat Leon air an A835 sa Ghearran 2018.
Chaidh Kyle Robasdan, 20, à Baile Ghobhainn ann an Inbhir Nis, a bha a' dràibheadh an Seat Leon, a mharbhadh.
Chuala an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann gun robh Durdle air cruinneachadh de dhràibhearan òga a chur air dòigh ann an Inbhir Pheofharain, is dùil aca falbh às an sin a Thaobh Siar Rois.
Bha Kyle Robasdan na phàirt den bhuidhinn.
Chaidh innse dhan chùirt gun robh Mikey Durdle a' feuchainn ri dhol seachad air Kyle Robasdan faisg air Gairbh nuair a bhuail e sa chàr aige.
Astar
Chaidh an càr aig Mgr Robasdan far an rathaid, tarsainn air loidhne-rèile, mus do bhuail e ann an craoibh.
Chuala a' chùirt gun robh fiosrachadh a fhuaireadh bho chàr Mikey Durdle a' sealltainn gun robh e a' dol eadar 76m.s.u. is 84m.s.u. goirid mus robh an tubaist ann, is gun robh coltas ann gum biodh e a' dol na bu luaithe aig àm na tubaist fhèin.
Dh'aidich Durdle gun do dh'adhbhraich e bàs le a bhith a' dràibheadh gu cunnartach is le cus astair.
Dh'aontaich am britheamh, am Morair Arthurson, Durdle a leigeil ma sgaoil air urras.
Thug e rabhadh dha ge-tà, gu bheil a h-uile coltas ann gun tèid "binn prìosain susbainteach" air nuair a thilleas a' chùis dhan chùirt sa Mhàrt.