Taighean ùra an Inbhir Nis gan deasbad

  • Air fhoillseachadh
LeasachadhTùs an deilbh, Comhairle na Gàidhealtachd

Thèid planaichean airson cha mhòr 300 taigh a thogail air iomall Inbhir Nis a dheasbad le comhairlichean Dimàirt, taobh a-muigh.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd fhèin airson na taighean a thogail air tàlamh àitich eadar Baile an Loch agus Cùil Lodair.

Ged nach eil an sgìre air a cur ma seach airson taigheadais sa phlana ionadail, tha oifigich na Comhairle a' moladh cead a thoirt seachad.

Tha iad ag ràdh gu bheil cothrom ann leasachadh aig àrd-ìre a chur air adhart le liosan is dìon air coilltean na chois.

Deasbad

Chuir Comhairle Coimhearsnachd Bhaile an Loch an aghaidh nam planaichean bho thùs.

Thuirt cathraiche na Comhairle Coimhearsnachd, Iain Williams, gu bheil iad den bheachd gu bheil làraichean eile ann a bu chòir a bhith air an leasachadh an toiseach.

Thog e dragh cuideachd gum biodh an sgeama a' cur às dhan bheàrn a th' ann eadar Baile an Loch agus Cùil Lodair.

Thuirt e ge-tà, gu bheil coltas math air na planaichean, is ma tha an talamh seo gu bhith air a chur gu feum airson taigheadais, nach eil e den bheachd gum faighear leasachadh nas fheàrr.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh