Cosnaidhean ùra air fàire an Gallaibh
- Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh gun cruthaichear suas ri 40 cosnadh ùr ann an Gallaibh, agus companaidh an dùil leudachadh a thoirt air an obair aca.
Tha Ashley Ann Eta, a bhios a' dealbhachadh chidsinean, seòmraichean cadail agus seòmraichean ionnlaid, an dùil còrr air £2m a chur an sàs san fhactaraidh aca ann an Inbhir Ùige thairis air an ath-chòig bliadhna.
'S e a' chompanaidh theaghlaich am fhastaiche prìobhaideach as motha ann an Gallaibh, agus fàgadh an leasachadh gum biodh 200 duine a' cosnadh aca.
Tha iad an dùil an fhactaraidh atharrachadh, agus uidheamachd ùr a chur rithe.
Fhuair a' chompanaidh £400,000 ann an tabhartas bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean mar phàirt den airgead a tha iad an dùil a chur an sàs.