Dàil air seirbheis dialysis ùr dhan Eilean Sgitheanach

Thig dàil air seirbheis ùr dialysis anns an Eilean Sgitheanach.

Gheall Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd an t-seirbheis a chur air dòigh don fheadhainn air a bheil tinneas nan dubhagan.

Tha feadhainn fad bhliadhnaichean air a bhith a' siubhail air ais is air adhart a dh'Inbhir Nis airson na seirbheis.

Seo Nicole Webber.